Mu dheidhinn ÈIST
Tha ÈIST na ghiorrachadh air Ecosystem for Interactive Speech Technologies. Tha am prògram rannsachaidh seo air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig, le com-pàirtichean a leithid BBC ALBA, MG ALBA, Oilthigh Ghlaschu agus Tobar an Dualchais / Kist o Riches. Tha e ag amas air taic a thoirt do dh'ath-bheothachadh na Gàidhlig tro theicneòlasan eadar-ghnìomhach ùr-nodha, a' gabhail a-staidh aithneachadh labhairt.
On a chaidh a chur air bhog ann an 2023, tha ÈIST air fòcas a chur air a bhith a' leasachadh siostam pongail labhairt-gu-teacsa airson na Gàidhlig. B' e a' chiad amas siostam a thoirt gu buil a b' urrainn fo-thiotalan Gàidhlig a chruthachadh airson BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal. Ann am pàipear rannsachaidh ann an 2025, dh'aithris sinn gun d'fhuair sinn faisg air 90% de dh'fhaclan ceart airson phrògraman còmhraidh, naidheachdan agus cùisean an latha. Tha an sgioba a-nist a' leudachadh an teicneòlais, ga dhèanamh freagarrach airson chuspairean nas fharsainge, bho sheòmraichean-sgoile Gàidhlig gu seann chlàran de bheul-aithris.
Anns an Fhaoilleach 2026, lìbhrig sinn eadar-aghaidh cleachdaiche (user interface) agus API (Application Programming Interface) gus cothrom a thoirt do dhaoine na modailean againn a chleachdadh. Airson a' chiad turais, is urrainn do luchd-leasachaidh agus luchd-rannsachaidh an teicneòlas a stèidheachadh ann am bathar-bog de dhiofar seòrsa (m.e. luchd-cuideachaidh digiteach). Bha a' chiad fhoillseachadh modail againn stèidhichte air a' mhodail fhosgailte Whisper aig OpenAI agus tha e ri fhaighinn an seo. Tha sinn an-dràsta ag obair air modail nas adhartaiche, nam measg feadhainn a nì aithneachadh labhairt air ball.
A' Dùnadh nam Beàrnan Cànanach
An-dràsta, tha na modailean againn a' strì ri labhairt na h-òigridh aithneachadh, aig a bheil pàtranan cainnte uaireannan car eadar-dhealaichte bho luchd-labhairt dùthchasach. Tha ÈIST a' dèiligeadh ris an seo le prògram sònraichte, 'Aithneachadh Cainnt na Cloinne', air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a tha a' cruinneachadh dàta bho sgoiltean agus aonadan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh na h-Alba. Cuidichidh an dàta ùr seo gus labhairt luchd-ionnsachaidh òga ga riochdachadh gu ceart.
Faodaidh aithneachadh labhairt leasaichte cruth-atharrachadh a thoirt air innealan foghlaim agus a bhith a' toirt seachad taic nas èifeachdaiche airson litearras agus ionnsachadh am measg na cloinne. San fharsaingeachd, faodaidh aithneachadh labhairt ruigsinneachd a leasachadh do luchd-labhairt Gàidhlig de gach aois.
Iomairt le Taic Coimhearsnachd
Tha Fosgladh an Tobair aig cridhe misean ÈIST. Is e a th' ann ach àrd-ùrlar cruinneachaidh sluaigh (crowd-sourcing) a chaidh a chur air bhog aig Oilthigh Ghlaschu san Dùbhlachd 2025. Tha an iomairt a' cur cuireadh do choimhearsnachd Gàidhlig eadar-nàiseanta gus clàran claisneachd de sgeulachdan traidiseanta agus eachdraidh beòil air portal Tobar an Dualchais a thar-sgrìobhadh, leithid an fheadhainn a thàinig an toiseach bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann) agus Tasglann Taigh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha e air a thogail air pròiseact eile, 'Meitheal Dúchas' ann an Èireann. Chan e a-mhàin gun dèan na tar-sgrìobhaidhean e nas fhasa gus dualchas na h-Alba a ruighinn ach bheir iad seachad cuideachd dàta trèanaidh gus comas ar modalan dèiligeadh ri diofar dhualchainntean is dòighean labhairt a leasachadh san àm ri teachd.
Cunnartan, Duaisean agus Dleastanas
Tha an sgioba air cùl ÈIST gu math mothachail nach e innealan neo-phàirteach a th' ann an teicneòlasan cainnte is cànain. Faodaidh modailean air an trèanadh gu dona cànan a mhì-riochdachadh, cultar a mhilleadh no claon-bhreith sòisealta a dhaingneachadh. Sin as coireach gu bheil ÈIST a' cur com-pàirteachas coimhearsnachd aig cridhe a phròiseas dealbhaidh.
Bidh an luchd-rannsachaidh cuideachd a' brosnachadh nan dòighean as fheàrr airson cleachdadh AI beusach a dh'ionnsaigh ath-bheothachadh a' chànain: a' cur ri chèile dàta trèanaidh follaiseach, a' tilleadh thoraidhean chun na coimhearsnachd (m.e., tro DASG, Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig), agus a' seachnadh eisimeileachd air 'teicneòlas mòr' gus ar dùbhlain fhuasgladh. Is e dòigh-obrach stèidhichte air luachan a th' ann, cho math ri saothair theicnigeach.